Sùil air: Còisir Ghàidhlig Thaigh an Uillt // Case Study: Taynuilt Gaelic Choir

Air Seachdain na Gàidhlig, le taic bho Mhaoin nan Tabhartas Beag, chomharraich Còisir Ghàidhlig Thaigh an Uillt 25 bliadhna le bùth-obrach puirt-à-beul comhla ri Sìleas Nic na Ceàrdaich gu 2f gu 4f agus cèilidh air an oidhche bho 7f gu 11f comhla ri Joanie agus Micheal Garvin. Ghabh 18 neach pàirt anns a’ bhùth-obrach agus bha 52 ann airson a’ chèilidh air an oidhche.

Bha a h-uile duine anns a’ bhùth-obrach math air a’ Ghàidhlig a chleachadh nuair a bha iad a’ seinn agus bha e uabhasach soirbheachail airson Gàidhlig a bhrosnachadh. Bha an cèilidh gu math spòrsail agus ghabh a h-uile duine pàirt le dannsadh no seinn. Thuirt cuideigin: ‘Chòrd an oidhche cho math rium gu bheil mi ag iarraidh barrachd fhiosrachadh mun òrain a chuala mi a-nochd agus òrain Ghàidhlig eile airson pàirt a ghabhail aig amannan eile.’ Mar a’ phàirt den cheilidh, rinn Andreas Wolff òraid beag anns a’ Ghàidhlig. Ghabh Colin Fisher agus Lyle Kennedy òrain anns a’ Ghàidhlig. Sheinn Còisir Ghàidhlig Thaigh an Uillt (agus càraidean!) òrain Ghàidhlig cuideachd.
 
Tha a’ chòisir misneachail gum bi ùidh aig daoine anns a’ choimhearsnachd a thaobh na Gàidhlig fhein agus a’ chòisir cuideachd às dèidh na tachartasan. Thuirt cuid de dhaoine gun robh iad airson pàirt a ghabhail anns a’ chòisir no barrachd Gàidhlig ionnsachadh. Bha cuid ann nach robh uabhasach eòlach air òrain Ghàidhlig idir ach chòrd am bùth-obrach agus ceilidh riutha. Thug am bùth-obrach teans do dhaoine òrain Ghàidhlig ionnsachadh agus b’ e seo a’ chiad cothrom airson cuid dhiubh.

//
On Seachdain na Gàidhlig, with support from the Small Grants Fund (Bòrd na Gàidhlig), Taynuilt Gaelic Choir celebrated 25 years with an afternoon puirt-à-beul workshop with Sìleas Sinclair and an evening cèilidh with Joanne and Michael Garvin. 18 people attended the workshop and there were 52 at the evening cèilidh.
 
Everyone at the workshop was good at speaking Gaelic while they were singing and it was very successful at promoting Gaelic. The cèilidh was great fun and everyone took part in dancing and singing. An attendee said: ‘I enjoyed the evening so much that I would love to know more about the songs I heard and other songs so I can take part in more events in future.’ At the cèilidh Andreas Wolff delivered a speech, Colin Fisher and Lyle Kennedy sang Gaelic songs and Taynult Gaelic Choir and friends also sang some Gaelic songs.
The choir is confident that the community will take more of an interest in Gaelic events and in the choir itself after the celebrations. Some who took part were interested in joining the choir or in learning more Gaelic. There were some who hadn’t heard many Gaelic songs before but they really enjoyed the workshop and cèilidh. The workshop gave people a chance to learn Gaelic songs, and for many it was their first time.
Cuir taic ri Seachdain na Gàidhlig // Support Seachdain na Gàidhlig Thoir tìodhlac an seo // Donate Here