Seachdain na Gàidhlig 2024 // World Gaelic Week 2024

Thèid Seachdain na Gàidhlig a chumail an treas turas agus luchd na h-iomairt a’ toirt brosnachadh do luchd-labhairt is luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig na cothroman maoineachaidh a chaidh a chur air bhog an-diugh a chur gu làn-fheum.

Bidh Seachdain na Gàidhlig a’ dol eadar 19mh agus 25mh dhen Ghearran 2024, a’ chiad seachdain cànain oifigeach nàiseanta d’ a leithid ann an Alba ’s a bhrosnaicheas Gàidhlig dhan a h-uile duine.

Tha maoin aig an iomairt do thabhartasan beaga, le taic o Bhòrd na Gàidhlig, a bheir brosnachadh is cothrom do dhaoine tagradh airson maoineachadh a chur a-steach airson Gàidhlig a chomharradh sna coimhearsnachdan aca fhèin. ’S urrainn dhan fheadhainn a gheibh maoineachadh seo a chur gu feum airson tachartasan is gnìomhachdan ion-ghabhalach a chur air chois agus airson iomairtean ùra a chur air bhog sna coimhearsnachdan ionadail aca.

Ghabh barrachd air mìle neach pàirt ann an còrr is 100 tachartas san dàrna Seachdain na Gàidhlig am bliadhna – is barrachd air 50 dhiubh air am maoineachadh leis a’ mhaoin seo – agus tha muinntir na h-iomairte an dòchas gun gabh fiù barrachd dhaoine pàirt ann an 2024 air feadh na h-Alba agus san t-saoghal air fad.

’S e ‘Do Chànan. Do Chothrom’ an cuspair a bhios aig an tachartas chultarach seo ann an 2024. Thathar a’ toirt brosnachadh dhan fheadhainn a tha airson pàirt a ghabhail gun seall iad na buannachdan a thig an cois na Gàidhlig agus mar a chuireas i ri ar beathannan uile, a’ fosgladh dorsan airson dàimhean ùra, co-obrachadh agus soirbheas.

Faodar tagraidhean airson maoineachadh 2024 a chur a-steach a-nis air làrach-lìn Seachdain na Gàidhlig gu ruige meadhan-oidhche Didòmhnaich 26mh dhen t-Samhain 2023 airson maoineachadh suas ri £500.

Thuirt Joy Dunlop, Ceannard Seachdain na Gàidhlig: “Tha sinn air leth toilichte gum bi Seachdain na Gàidhlig ann an treas turas sa Ghearran 20204 fon chuspair Do Chànan. Do Chothrom. Tha sinn air ar bioran gum bi maoin nan tabhartasan beaga againn a-rithist am bliadhna, a bhuidheachas do Bhòrd na Gàidhlig agus tha sinn a’ toirt brosnachadh do dhuine sam bith aig a bheil beachd-smuaint airson tachartas an ath-bhliadhna tagradh a chur a-steach airson maoineachadh is an cothrom air leth seo a chur gu làn-fheum.”

“Tha a’ Ghàidhlig na pàirt de bhith is dearbh-aithne chultarach na h-Alba agus tha sinn airson cothrom a thoirt do dhaoine sealltainn is comharradh na sin a’ ciallachadh dhaibhsan. Fhuair sinn freagairt air leth o luchd-labhairt is luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig aig gach ìre an-uiridh agus a-bhòn-uiridh a ghabh an cothrom an cànan a chomharradh is a sgaoileadh air iomadh dòigh chruthachail.”

Seachdain na Gàidhlig 2023, chaidh tachartasan a chumail ann an Alba agus thall thairis, aghaidh ri aghaidh agus air loidhne, eadar bùthan-obrach is maidnean cofaidh is cèilidhean agus fhuair 51 dhiubh seo taic o mhaoin nan tabhartasan beaga againn.

Bha sgoiltean, buidhnean coimhearsnachd, leabharlannan, luchd-ciùil is sgiobannan buill-choise am measg na feadhainn a bhrosnaich is a sgaoil a’ Ghàidhlig air dòighean spòrsail agus bidh taic-airgid Seachdain na Gàidhlig fosgailte dhan a h-uile duine a-rithist.

Tha an tachartas seachdaine seo a’ togail air soirbheas is cliù nàiseanta aig iomairtean mhion-chànan eile mar Seachtain na Gaeilge ann an Èirinn agus Mìos nan Gàidheal ann an Alba Nuadh, a’ toirt cothrom do luchd-labhairt is luchd-ionnsachaidh is luchd-taice na Gàidhlig an cànan a chomharradh an seo fhèin agus thall thairis.

Thuirt Ealasaid Dhòmhnallach, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig: “Tha Bòrd na Gàidhlig air leth toilichte taic a thoirt do Sgeama nan Tabhartas Beag aig Seachdain na Gàidhlig. An-uiridh bha e math na h-uimhir de thachartasan eadar-dhealaichte fhaicinn ann an iomadh diofar àite air feadh na dùthcha, mòran dhiubh gan ruith le taic tron sgeama seo. Tha sinn air bhioran faicinn dè na rudan ùr-ghnàthach a thèid a lìbhrigeadh am-bliadhna.”

’S e buidheann cultar is ceòl tradaiseanta na h-Alba, Hands Up for Trad, a chuireas Seachdain na Gàidhlig air chois agus tha iad airson barrachd dhaoine fhastadh dhan sgioba aca. Tha fàilte ro thagraidhean airson dreuchd riochdaire rianachd neo-cheangailte a-nis gu ruige DihAoine 17mh dhen t-Samhain agus gheibhear barrachd fiosrachaidh air www.seachdainnagaidhlig.scot.

Bidh Seachdain na Gàidhlig 2024 ann eadar 19mh is 25mh dhen Ghearran 2024. Airson barrachd fiosrachaidh no airson tagradh airson maoineachadh a chur a-steach, tadhail air www.seachdainnagaidhlig.scot.

//

Seachdain na Gàidhlig (World Gaelic Week) is set to return for a third year, with organisers encouraging Gaelic speakers and learners to make the most of an exclusive funding opportunity launched today.

Taking place from 19th – 25th February 2024, Seachdain na Gàidhlig, the first official nationwide language week of its kind in Scotland, aims to promote Gaelic for all.

The initiative is home to a Small Grants Fund, supported by Bòrd na Gàidhlig, which encourages and enables people to apply for funding to celebrate Gaelic in their communities. Successful applicants will be able to use the support to put on inclusive events and activities and launch new initiatives in their local communities.

Over 1,000 people took part in more than 100 events for the second annual Seachdain na Gàidhlig this year – over 50 of which were part of this fund – and organisers are hoping 2024 will see even more celebrations take place across Scotland and beyond.

The theme for the 2024 edition of the cultural celebration is Do Chànan. Do Chothrom, which translates to Your Language. Your Opportunity. Participants are encouraged to showcase how the Gaelic language benefits and enriches lives, opening doors for connections, collaboration and success.

Applications for the 2024 funding pot are open now on the Seachdain na Gàidhlig website, and people have until midnight on Sunday 26th November 2024 to apply for funding of up to £500.

Joy Dunlop, Director of Seachdain na Gàidhlig, said: “We’re thrilled to announce that the third annual Seachdain Na Gàidhlig will take place in February 2024, with the theme Your Language. Your Opportunity. It’s so exciting to be able to offer our Small Grants Fund again this year, thanks to the support of Bòrd na Gàidhlig and we would encourage anyone who has an idea for an event for next year to apply for support and make the most of this fantastic opportunity.

“Gaelic is a key part of Scotland’s cultural make up and identity and our aim is to give people the chance to showcase and celebrate what it means to them. The past two year’s events have seen a fantastic response from Gaelic speakers and learners of all levels embracing the chance to celebrate and share the language in all sorts of creative ways.”

Events for Seachdain Na Gàidhlig 2023 took place across Scotland and beyond, both in person and online, from workshops to walking tours and coffee mornings to cèilidhs, with 51 of these receiving support from the Small Grants Fund.

Schools, community groups, libraries, musicians and football teams were among those who joined in the fun to promote and share the Gaelic language and once again the Seachdain na Gàidhlig funding boost will be open to all.

The week-long celebration seeks to replicate the success and national recognition of other minority language initiatives such as Seachtain na Gaeilge in Ireland and Mìos nan Gàidheal in Nova Scotia, giving Scottish Gaelic speakers, learners and supporters the opportunity to celebrate the language at home and internationally.

Ealasaid MacDonald, Ceannard, Bòrd na Gàidhlig, said:“Bòrd na Gàidhlig are delighted to support the Seachdain na Gàidhlig Small Grants Scheme. Last year it was great to see so many different events in so many places across the country, many of which were run with support through this scheme. We’re excited to see what innovative things will be delivered this year.”

Organised by Scottish traditional culture and music organisation Hands Up For Trad, Seachdain na Gàidhlig is also looking to expand its team. Applications are now open for a freelance Administrative Producer, which will close on Friday 17th November and is available to view at www.seachdainnagaidhlig.scot.

Seachdain Na Gàidhlig 2024 will take place from 19th – 25th February 2024. For more information or to apply for funding, please visit www.seachdainnagaidhlig.scot.

Cuir taic ri Seachdain na Gàidhlig // Support Seachdain na Gàidhlig Thoir tìodhlac an seo // Donate Here