Sùil air: Co-roinn Ghàidhlig Mhuile is Idhe // Case Study: Mull and Iona Gaelic Partnership
Air Seachdain na Gàidhlig, le taic bho Mhaoin nan Tabhartas Beag (Bòrd na Gàidhlig), bha cèilidh aig Co-roinn Ghàidhlig Mhuile is Idhe an Talla Àrois ann an Tobar Mhoire, le ceòl bhon t-seinneadair Ghàidhlig Ceitlin Lilidh, an còmhlan-cèilidh Treshnish agus seinneadairean agus luchd-ciùil ionadail. Bha bàr agus rafail ann cuideachd. Chlàraich iad a’ chèilidh agus sheall iad beò e air an duilleag Facebook aca.
’S e oidhche shoirbheachail agus làn spòrs a bh’ ann, le 50 neach aig a’ chèilidh. Bha an ceòl uile fìor mhath agus bha tòrr dhaoine suas a’ dannsa. Cheannaich tòrr dhaoine tiocaidean rafail.
Chòrd e gu mòr ri daoine a bhith a’ faighinn an cothrom cànan agus cultar na Gàidhlig a chluinntinn. Tha iad uile an dòchas gum bi iad a‘ cur air dòigh barrachd chèilidhean mar seo san àm ri teachd, airson Gàidhlig a chumail beò sa choimhearsnachd.