Sùil air: Bun-sgoil an Iar // Case Study: West Primary School


Air Seachdain na Gàidhlig, le taic bho Mhaoin nan Tabhartas Beag (Bòrd na Gàidhlig), bha seachdain de thachartasan do dh’òigridh na sgoile agus do phàrantan aig Bun-sgoil an Iar. Thàinig deagh àireamh chun a’ chlais-oidhche a chaidh a ruith do dh’inbhich (deichnear) is bha iad uile toilcihte a-rèir nam beachdan a dh’fhàg iad. Ghabh a h-uile clas san sgoil pàirt sna clasaichean is chòrd sin glan ris na sgoilearan. Bha cruinneachadh ann far na chluich ceòladairean bho Fèisean nan Gàidheal ceòl dhan sgoil air fad agus chòrd sin ris a h-uile duine. Tha a h-uile sgoilear aig Bun-sgoil an Iar a-nis air còmhradh fheuchainn ann an Gàidhlig is blasad air a bhith aca aig ceòl agus cultar na Gàidhlig. Chòrd turas a Sgoil Ghleann Dàil gu mòr ri sgoilearan FTMG.

Thathar an dùil clasaichean Gàidhlig a bharrachd a chumail do phàrantan is iarrtas soirbheal airson maoineachadh air a bhith aca bho Bhòrd na Gàidhlig.Tha a-nis com-pàirteachas ann eadar Bun-sgoil an Iar agus Bun-sgoil Ghàidhlig Ghleann Dàil is iad a’ gabhail pàirt ann am fèis dhràma còmhla. Thathar an dòchas gum brosnaich seo clann na sgoile gus cumail orra leis a’ chlub Ghàidhlig agus pàirt a ghabhail aig a’ Mhòd. Tha fhios aig tòrr a bharrachd cloinne ann am Pàislig gu bheil cothroman ann dhaibh Gàidhlig ionnsachadh.

//

On Seachdain na Gàidhlig, with support from the Small Grants Fund (Bòrd na Gàidhlig), West Primary School held a series of Gaelic events for pupils and parents. An evening class was held for adults which was well attended and well received. The whole school took part in Gaelic classes and enjoyed it very much, particularly a Gaelic assembly where musicians from Fèisean nan Gàidheal played for the entire school. Every pupil at West Primary School has now had a chance to try and speak Gaelic and has experienced a taste of the music and culture. The Gaelic medium pupils enjoyed an exchange visit to Glendale Primary School.

They intend to run more classes for adults and parents as they have received funding from Bòrd na Gàidhlig to do so. There is now a tie with Glendale Primary School as they will be attending a drama festival together. They hope this will encourage pupils to carry on with Gaelic club and take part in the Mòd. More children in Paisley are now aware of the opportunities to learn Gaelic.

Cuir taic ri Seachdain na Gàidhlig // Support Seachdain na Gàidhlig Thoir tìodhlac an seo // Donate Here