A’ chiad oidhche chlub sa Ghàidhlig a-riamh.
Bidh Ùpraid a’ cur ceòl dannsa agus craic sa Ghàidhlig còmhla air an làir-dannsaidh son oidhcheannan mòra. Aig Ùpraid bidh cothrom agaibh a’ dol fad na h-oidhche le ceòl ‘Taigh’ agus gum bi sinn a’ cruthachadh àrrainneachd Ghàidhlig a tha nàdarra is làn spòrs. Le seo, bidh sinn a’ dèanamh cinnteach gum bi Gàidhlig air a bhrosnachadh gu nàdarra le cur an sàs luchd-obrach le Gàidhlig agus clàran-dibhe is cocktails sa Ghàidhlig cuideachd.
Airson a’ chiad phartaidh a chur gu dol la snas tha:
1:00 – 3:00 Robbie
Airson a’ chiad oidhche Ùpraid a thoirt gu crìch, bidh Robbie McGrory a’ gabhail àite sa chathair. Tha am balach seo air ainm a chruthachadh dha fhèin mar fhear de na DJ’s as ealanta ann an Glaschu an-dràsta. A’ gabhail àite a’ nochdadh aig oidhcheannan ann an Sub Club, La Cheeta agus am Berkely Suite am measg eile, tha sgil aig a’ bhalach seo a bhios foirfe airson toirt a’ chiad oidhche againn gu buill.
23:00 – 1:00 : Cici
Aka Mix Big Gaels Christy O Hanlon i fhìn. Tha Cici air ùr nochdadh o chionn ghoirid ann an Glaschu a’ cur oidhche ‘Breathe’ fo smachd nan bangers aice. Tha i air cliù a chosnadh dhìth fhìn a’ dol bho neart gu neart le seataichean loma làn dhe ceòl nach gabh a dhiùltadh.
21:00 – 23:00 : Rònan
‘S e balach Thròdairnis às an Eilean Sgiathanaich a th’ ann an Rònan White agus tha ceòl air a bhith mar phàirt dhen a bheatha aige a’ fàs suas. Bidh Rònan a’ cluich iomadh seòrsa diofar stoidhle chùil agus tha e air nochdadh aig fèisean is tachartasan an dà chuid ann an Alba agus thall thairis. Sàr Ghàidheal a bheir ort d bhrògan dannsaidh a chur gu feum
Tha cruaidh fheum air a bhith againn airson oidhcheannan mar Ùpraid ann am Baile mòr nan Gàidheil. Bi nad phàirt den ath-bheothachadh Gàidhlig aig Ùpraid!
Le taic bho Bòrd na Gàidhlig
Cost: £3 ro làimhe / £4 air an doras