
Thèid An Staran; Rosg Gàidhlig le Ruaraidh MacThòmais, air a dheasachadh le Petra Johana Poncarová, a chur air bhog aig tachartas sònraichte aig Àros an Rubha. Bidh seo a’ gabhail àite air Dihaoine (28.02.2025) aig 7:00f agus e mar phàirt de Sheachdain na Gàidhlig. Thèid agaibh air Petra a chluinntinn a’ bruidhinn mun leabhar agus an t-slighe a bh’ aice gus a chur ri chèile, agallamh goirid leatha fhèin is Catriona Dunn, agus bidh cothrom ann ceistean fhaighneachd. Bidh fàilte bhlàth oirbh uile.