Loading Events

« All Events

  • This event has passed.

Cur air Bhog Leabhar Alistair Paul

25 February, 2023 @ 3:00 pm - 5:00 pm

Bidh Alistair Paul a’ tighinn a-nall à Eilean Arainn gus bruidhinn mun leabhar ùr aige Fir an Diùraidh. Seo a’ chiad nobhail a sgrìobh e, ach chan e seo a’ chiad leabhar aige. Bhuannaich an cruinneachadh sgeulachdan goirid aige, Linne Dhomhain, duais airson na Làmh-sgrìobhainn as Fheàrr do dh’Inbhich ann an 2020. A bharrachd air an duais sin, bhuannaich e Duais Sgrìobhadairean Ùra sa Ghàidhlig bho Chomhairle nan Leabhraichean agus an Scottish Book Trust ann an 2018.

’S ann à Glaschu a tha Alistair bho thùs, ach ’s e an ùidh a th’ aige ann an eachdraidh agus cultar Eilein Arainn a thug air a’ Ghàidhlig ionnsachadh agus tha sin follaiseach na chuid sgrìobhaidhean.

Bidh Lynsey Tait, neach-ciùil proifeiseanta a bhuineas do dh’Arainn, a’ cluich puirt Arainneach air an fhìdheall.

Bu toil leinn gun clàraich sibh tron cheangal Eventbrite gus am bi fios againn cia mheud duine a bhios ann.

Tha sinn ann an eathar beag an cuideachd sianar Arannach air an t-slighe gu bhith a’ suidhe air an diùraidh aig cùirt an t-seisein ann an Inbhir Aora. Cho luath ’s a dh’fhàgas an t-eathar an cidhe aig Tràigh a’ Chaisteil ann an Arainn teannaidh rudan ri dhol ceàrr, togaidh conas ceann is na chois thig peacaidhean nam fear am follais.

Thèid ar toirt cuairt tro cheann iar-dheas na Gàidhealtachd mar a bha i aig toiseach an 19mh linn nuair bha an sgìre a’ tighinn fo bhuaidh atharrachaidhean mòra an t-saoghail, dìreach ro àm nam fuadaichean. Tha dàn gach caractair an eisimeil nan atharrachaidhean seo is mar a ghabhas iad riutha còmhla.

An ruig na fir a’ chùirt ann an tìde is ma ruigeas am bi e an comas dhaibh breitheanas a thoirt a-mach air an co-chreutairean le cogais ghlan?

Details

Date:
25 February, 2023
Time:
3:00 pm - 5:00 pm
Event Category:
Website:
https://www.eventbrite.co.uk/e/cur-air-bhog-leabhair-fir-an-diuraidh-le-alistair-paul-tickets-516639210787

Organizer

Luath Press
Email
melvin.oosterhuis@luath.co.uk
View Organizer Website

Venue

Comhairle nan Leabhraichean
32 Mansfield Street, Glaschu G11 5QP United Kingdom + Google Map

Details

Date:
25 February, 2023
Time:
3:00 pm - 5:00 pm
Event Category:
Website:
https://www.eventbrite.co.uk/e/cur-air-bhog-leabhair-fir-an-diuraidh-le-alistair-paul-tickets-516639210787

Organizer

Luath Press
Email
melvin.oosterhuis@luath.co.uk
View Organizer Website

Venue

Comhairle nan Leabhraichean
32 Mansfield Street, Glaschu G11 5QP United Kingdom + Google Map
Cuir taic ri Seachdain na Gàidhlig // Support Seachdain na Gàidhlig Thoir tìodhlac an seo // Donate Here