Seo agaibh deagh dhòighean gus pàirt a ghabhail ann an Seachdain na Gàidhlig 2026! // Here are some fun ways to get involved in Seachdain na Gàidhlig 2026!
*Scroll for English*
Seo agaibh deagh dhòighean gus pàirt a ghabhail ann an Seachdain na Gàidhlig 2026!
👉Abairt na Gàidhlig
📆 Diardaoin 26mh dhen Ghearran 2026
Airson pàirt a ghabhail, cha leig daoine a leas ach abairt Ghàidhlig a thaghadh, ionnsachadh mar a chanar e agus a phostadh sna meadhanan sòisealta leis an taga-hais #LàAbairtNaGàidhlig no #SayAGaelicPhraseDay. Barrachd fiosrachaidh.
☀️Gabh pàirt ann an coiseachd air tràigh ann an Arainn
Rùraich cladach Arainn is ionnsaich mun dàimh dhomhain a th’ againn uile ris an tìr mun cuairt oirnn le Urras Grunnd-mara Coimhearsnachd Arainn (COAST) agus Fèis Arainn. Barrachd fiosrachaidh.
✨ Fidir ceòl Gàidhlig aig Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba
Thèid Seachdain na Gàidhlig a’ cur air bhog le fruis ann an Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba spaideil Diluain air an 23mh latha dhen Ghearran le dà chuirm-chiùil saor ’s an-asgaidh. Barrachd fiosrachaidh.
🎥 Coimhead air film cloinne Gàidhlig
Gabh tlachd san tionndadh Ghàidhlig dhen fhilm bheòthaichte ghaolmhor leis an RNSO dhan fheadhainn òg, Yoyo agus a’ Cholcach Bheag. Barrachd fiosrachaidh.
🎵 Mìorbhail nan òran-luaidh
Feuch mìorbhail nan òran-luaidh tradaiseanta is fiosraich carson a tha iad cudromach ann an cultar na Gàidhlig ann an Dùn Èideann Diardaoin air an 26mh latha dhen Ghearran. Barrachd fiosrachaidh.
🎉Latha tadhail air gàla Gàidhlig
Eadar clasaichean Gàidhlig, bùthan-obrach ceòl fèise dhan chlann, seiseanan còisir a’ Mhòid, fèill làmh-cheàrdan, cèilidh agus cuirm-chiùil, bidh fàilte ron a h-uile aig Latha Gàla Gàidhlig san Àrchar Disathairne air an 28mh latha dhen Ghearran, cothrom spaideil air cultar na Gàidhlig. Barrachd fiosrachaidh.
📝 Blasad nam meadhanan Gàidhlig
Rùraich craoladh is meadhanan digiteach na Gàidhlig eadar an-dè agus an-diugh aig tachartas Ga cleachdadh no ga call: dè cho cudromach ’s tha na meadhanan Gàidhlig ann an Leabhar-lann Nàiseanta na h-Alba Diardaoin air an 26mh latha dhen Ghearran. Barrachd fiosrachaidh.
💫Fàs eòlach air na gaisgich Ghàidhealach o shean
Cuiridh Culturlann Inbhir Nis air chois òraid dhà-chànanach le dealbhan leis a’ chraoladair agus ùghdar Ghàidhlig Ruairidh MacIllEathain a bhruidhneas mu àitichean air a’ Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan a tha co-cheangailte ri gaisgich na Fèinne. Barrachd fiosrachaidh.
🧡 Fàs eòlach air na ceanglaichean Gàidhlig aig Lannraig
Èist ri sgeulachdan is fàs eòlach air a’ cheangal eadar Lannraig Ùr agus fuadaichean nan Gàidheal. Thèid sàr-mheasgachadh de choimhearsnachd is eachdraidh a chumail aig Làrach Dualchas na Cruinne ann an Lannraig Ùr aig 1f Dihaoine air an 27mh dhen Ghearran mar phàirt dhen t-sreath thachartasan aig an ionad, Sgeulachdan on Mhuileann. Barrachd fiosrachaidh.
🎤Co-sheinn Ghàidhlig
Bheir Seachdain na Gàidhlig cothrom do dhaoine am bliadhna òrain Ghàidhlig ionnsachadh agus chan e oide àbhaisteach a nì sin ach buannaiche bonn òr a’ Mhòid, Kerrie Cheannadach. Bidh fàilte ro luchd-tòiseachaidh is luchd-ionnsachaidh a’ chànain aig an tachartas is teagaisgidh an seinneadair ainmeil seo faclan is abairtean dhaibh tro mheadhan òrain ann an seisean air loidhne sònraichte, Gabh Òran, Dimàirt air an 24mh latha dhen Ghearran. Barrachd fiosrachaidh
//
Here are some fun ways to get involved in Seachdain na Gàidhlig (World Gaelic Week) 2026!
👉Say a Gaelic phrase
📆 Thursday 26th February 2026.
To take part, people simply pick a Gaelic phrase, learn how to say it and post it on social media using the hashtag #LàAbairtNaGàidhlig or SayAGaelicPhraseDay. More information.
☀️Join a Gaelic beach walk on Arran
Explore the Arran shore and learn the deep connections to Gaelic all around us with the Community of Arran Seabed Trust (COAST) and Fèis Arainn. More information.
✨Discover Gaelic music at the National Museum of Scotland
Enjoy two free drop-in Gaelic concerts in the stunning setting of the National Museum of Scotland on Monday 23rd February, kicking off World Gaelic Week in style. More information.
🎥Watch a Gaelic children’s film
Immerse your family in a Gaelic version of the RNSO’s charming animated film for wee ones, Yoyo and the Little Auk. More information.
🎵Wonder at waulking songs
Experience the traditional waulking songs (òrain luaidh) and learn about their cultural significance in Edinburgh on Thursday 26th February. More information.
🎉Go to a Gaelic Gala Day
From Gaelic language classes, fèis music workshops for children, Mòd choir sessions, craft fair and a ceilidh and concert, the Arrochar Gaelic Gala Day on Saturday 28th February will be a fitting showcase of Gaelic culture that is open to all. More information.
📝Get to grips with Gaelic media
Explore Gaelic-language digital media and broadcasting through the generations at the Using it or losing it: how important is Gaelic media? event at the National Library of Scotland on Thursday 26th February. More information.
💫Uncover ancient Gaelic heroes
The Gaelic cultural centre in Inverness – Cultarlann Inbhir Nis – will host a bilingual illustrated lecture from Gaelic broadcaster and author Ruairidh MacIlleathain, who will introduce people to places in the Highlands and Islands which are linked to tales of the ancient Gaelic heroes, known as the ‘Fianna’. More information.
🧡Learn about Lanark’s Gaelic connections
Discover New Lanark’s connection to the Highland Clearances through storytelling. An event providing the perfect mix of history and community will be held at New Lanark World Heritage Site at 1pm, Friday 27 February as part of the centre’s Stories from the Mill series of events. More information.
🎤Singalong in Gaelic
This year’s Seachdain na Gàidhlig will give people the chance to learn Gaelic song from none other than Mòd Gold Medallist Kerrie Kennedy. The acclaimed Gaelic singer and chorister is welcoming beginners and learners of the language to learn words and phrases through song in a special online season, Gabh Òran (Give us a Song) on Tuesday 24 February. More information.
#SeachdainNaGàidhlig #CommunityIdeas #GaelicEvents #Gàidhlig #scottishgaelic #GaelicWeek #GaelicCulture #cleachdinocailli #SeachdainNaGàidhlig2026 #WorldGaelicWeek2026 #cleachdi #Gaelic
https://seachdainnagaidhlig.scot/whats-on/






