Tachartasan is Pròiseactan // Events and Projects 2026 – Seachdain na Gaidhlig

Seo agaibh an liosta de bhuidhnean a fhuair maoineachadh bho Mhaoin nan Tabhartas Beag (le taic bho Bhòrd na Gàidhlig) airson pròiseactan is tachartasan a ruith tro Sheachdain na Gàidhlig 2026.

Coimhead tromhpa agus dh’fhaodadh gum bi ruideigin uabhasach inntinneach a’ tachairt faisg oirbh fhèin!

Cuimhnich gu bheil gu leòr a’ dol a bharrachd air na tachartasan a fhuair maoineachadh – thoir sùil air a’ mhìosachan an seo agus feuch gun cuir sibh ris ma tha càil san amharc agaibh.

//

We are delighted to bring you the list of groups who received funding from the Small Grants Fund (supported by Bòrd na Gàidhlig) to run events and projects during Seachdain na Gàidhlig 2026.

Have a look through them – there may be something very interesting happening on your own doorstep!

Remember that there will be many more events happening as well as those who received funding – take a look at the online calendar here and please do add your own if you’re planning anything to tie in with Seachdain na Gàidhlig 2025!


Comhairle Baile Dhùn Dè (Dundee City Council)

Dundee City Council – Gaelic Spoken Word Night: Poetry and Stories

Seanchas nan Gàidheal. Oidhche làn bàrdachd agus sgeulachdan. // Gaelic learners and speakers will gather together to enjoy Gaelic poetry and stories

Dundee Gaelic Musical Association – Open Night with Dundee Gaelic Choir

Bùth-obrach òrain luaidh eadar-ghnìomhach air a stiùireadh le Wilma Chaimbeul gus airson a’ brosnachadh dualchas na Gàidhlig tro òran. // An open night with an interactive waulking song workshop led by Wilma Kennedy to help preserve and promote Gaelic heritage through song.


Comhairle Baile Dhùn Èideann (City of Edinburgh Council)

Na Bliadhnaichean Tràth ann an Dùn Èideann – Leugh le Linda

Tha sinn airson seiseanan Leugh Le Linda a ruith airson buidhnean tràth-bhliadhnaichean ann an Dùn Èideann. // We are looking to run Leugh Le Linda sessions for the early years groups in Edinburgh.

Kirkliston Primary School – Gaelic Storytelling

Tha am pròiseact againn a’ cleachdadh sgeulaiche Gàidhlig mar inneal gus sgoilearan a thoirt a-steach don Ghàidhlig agus gus an dòigh sa bheil sgeulachdan beul-aithris air an ath-innse agus air an toirt seachad a cheangal // Our project uses Gaelic storytelling as a tool to introduce pupils to Gaelic and to link the way in which folklore tales are retold and passed to the way in which languages can be passed on.

Bun-sgoil Taobh na Pàirce – Seachdain na Gàidhlig aig TnP

Seachdain làn spòrs is gnìomhan cultarail gus cànan is cultar na Gàidhlig a chomharrachadh agus neartachadh san sgoil againn. // A week filled with fun and cultural activities in Gàidhlig to develop, celebrate and strengthen Gaelic across our school community.

Ionad Gàidhlig Dhùn Èideann / Capital Gaelic / Edinburgh University – ‘Ga cleachdadh, no ga call?’: dè cho cudromach ’s a tha na meadhanan Gàidhlig? / ‘Using, or losing it’: how important is Gaelic media?

Dè as urrainn dhuinn ionnsachadh bho eachdraidh agus leasachadh nam meadhanan Gàidhlig mu cho cudromach ’s a bhios ‘Cleachd i no Caill i’ ann an àm ri teachd didseatach? // What can we learn from the history and development of Gaelic media about the importance of ‘Use it or Lose it’ in a digital future?


Comhairle Baile Ghlaschu (Glasgow City Council)

An Lòchran – Seachdain na Gàidhlig 2026 @ An Lòchran

Aon tachartas gach latha tro Sheachdain na Gàidhlig // One event per day during World Gaelic Week

University of Strathclyde – Technocamps Scotland: Coimpiutaireachd sa Ghàidhlig

Cumhachd na Gàidhlig anns an t-saoghal didseatach – còdachadh, cruthachadh agus gabh spòrs ri chèile // Explore the power of Gaelic in the digital world – learn to code, create and have fun together!

Bun-sgoil Ghàidhlig Bhaile a’ Ghobhainn – Ho Ro Gheallaidh na Cloinne 2

Ho Ro Gheallaidh na Cloinne – cothrom airson sgoilearan BSGBG, teaghlaichean agus coimhearsnachd tighinn comhla gus cànan is cultar na Gàidhlig a leasachadh agus soirbheachas ar sgoilearan a chomharrachadh. // Ho Ro Gheallaidh na Cloinne – a chance for BSGBG pupils, families and community members to get together to strengthen Gaelic language and culture and celebrate our pupil’s.


Comhairle Dhùn Phrìs is Gall-Ghaidhealaibh (Dumfries and Galloway Council)

Fèis an Iar Dheas – ‘Thig is Feuch’

‘Thig is Feuch’ ar feasgar spòrsail càirdeil do theaghlaichean de ghnìomhachdan le cuspair Gàidhlig a’ gabhail a-steach ceòl, obair-làimhe agus dannsa-cèilidh gus Seachdain na Gàidhlig 2026 a chomharrachadh! // ‘Come and Try’ our family friendly fun afternoon of Gaelic themed activities including music, crafts and ceilidh dancing to celebrate World Gaelic Week 2026!


Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid (Argyll and Bute Council)

Arrochar Gaelic Language and Cultural Society – Arrochar Gala Day / Cruinneachadh Gàidhlig An Àrchair

Latha a’ comharrachadh cultar na Gàidhlig // A day celebrating Gaelic Culture

Lochgoilhead Fiddle Workshop – Exploring Gaelic Language and Culture through its Music

‘S e bùth-obrach nan measgaichte ionnsramaidean a th’ ann airson gun tuigidh LFW cho cudromach a tha Gàidhlig do phuirt, sgeulachdan agus chluiche bhon costa an iar na h-Alba agus do shliochd na h-Alba air feadh an t-saoghal. // A mixed instrument workshop led by a native Gaelic-speaking musician using Gaelic to enthuse members of Lochgoilhead Fiddle Workshop to understand the importance of the Gaelic language to tunes from the west coast of Scotland and the Gaelic diaspora, their stories and performance.

Emily Goan – Gaelic Music for Littles

A’ cluich ceòl traidiseanta Gàidhlig ann an sgoiltean-àraich Beurla // Playing traditional Gaelic music in English-speaking nurseries

Screen Argyll – Family Film Ceilidhs

CINE GAIDHLIG AIR TIRIODH ‘S MUIL // Gaelic Cinema on Tiree and Mull

Bowmore Primary School – Ceangalaidhean Coimhearsnachd

Ceangalaidhean a dheanamh eadar sgoilearan, parantan agus ar choimhearsnachd ann an co-theags soisealta gus ar canan, cultar agus dualchas a chotharrachadh. // Connecting Gaelic speaking students, parents and the wider Gaelic speaking community in a social context to celebrate their language, culture and heritage.

Co-Roinn Ghàidhlig Mhuile & Idhe – An Quiz Mòr Muileach

Farpais-cheist san t-Sàilean Mhuileach is sgiobannan a’ dol an aghaidh a chèile feuch cò an sgioba as eòlaiche san eilean air an eilean is a dhualchas. // A quiz in Salen, Mull with teams competing against each other for the title of most knowledgeable team in Mull about Mull and its Gaelic heritage.

Tayvallich Primary School – Cluich is Cànan (Play and Language)

Sgoil aoibhneach agus cèilidh coimhearsnachd a’ comharrachadh ar cànain tro òrain, geamannan agus ionnsachadh co-roinnte. // A joyful school and community ceilidh celebrating our language through songs, games and shared learning.

Comunn Gàidhealach an Òbain – Cafaidh Feasgair

Cafaidh Oidhche a’ comharrachadh còmhradh, coimhearsnachd is cultar na Gàidhlig. // A relaxed night café in Oban celebrating Gaelic conversation, community, and culture during Seachdain na Gàidhlig 2026.


Comhairle Fhìobha (Fife Council)

The Scottish Fisheries Museum Trust Ltd – Gaelic Music, Stories and Words

Airson gabhail pàirt ann an òrain Ghàidhlig, sgeulachdan agus faclan (‘s e dileab mhòr a th’ annta) tro thachartas coimhearsnachd ciùil agus slighe luchd-tadhail timcheall an Taighe-thasgaidh. // To share Gaelic songs, stories and words (it’s a great inheritance/legacy) through a community music event and a visitor trail around the Museum.


Comhairle na Gàidhealtachd (The Highland Council)

Cultarlann Inbhir Nis – Dealbh-chluiche san latha

Dealbh-chluiche, fo stiùireadh eòlaiche drama, fad latha steidhichte air seann sgeulachdan is a’ crìochnachadh le taisbeanadh beò mu choinneamh an t-sluaigh // A Play-in-a-day, under the guidance of a drama tutor, based on traditional stories, finishing with a public performance

Cheryl Heggie School of Dance – Dannsa airson na Gàidhlig / Dance with Gaelic

Cuiridh am pròiseact fàilte air luchd-labhairt na Gàidhlig agus feadhainn aig nach eil Gàidhlig. Gabhaidh iad pàirt ann an clas ciùil is gluasaid gus an sunnd is slàinte inntinn a leasachadh fhad ’s a tha iad ag èisteachd agus a’ cleachdadh na Gàidhlig. // The project will welcome Gaelic and non Gaelic speakers to enjoy a music and movement class to improve physical, social and mental well being whilst hearing and using the Gaelic language.

Ionad Throndairnis – Oidhche Bingo

Oidhche Bingo sa Ghaidhlig ann an sgire Throndairnis – fosgailte do gach aois is ire de Ghaidhlig. // Gaelic Bingo night in Trotternish – open to all ages and all levels of Gaelic.

Christina Stewart – Gaelic in the Muir

Seo cothrom airson Gàidhlig a bhruidhinn agus ceòl a mhealtainn. // A chance to use Gaelic in a friendly, cultural environment.

National Library of Scotland – ‘Rainy Gaelic Words’ Workshop with Raasay Primary School

Cruthaichidh sinn obair-ealain sa Ghàidhlig a thèid a thaisbeanadh ann an Leabharlann Nàiseanta na h-Alba airson an taisbeanaidh againn ‘RAIN’ ann an 2026. // We will create a Gaelic-language artwork to be displayed at the National Library of Scotland for our ‘RAIN’ exhibition in 2026.

Ard-Sgoil Ulapuil – Cleachd nar Coimhearsnachd i

Seachdain de ghnìomhachdan spòrsail is cruthachail air an stiùireadh le sgoilearan gus ar luchd-ionnsachaidh a bhrosnachadh gus Gàidhlig a chleachdadh a h-uile latha san sgoil agus sa choimhearsnachd. // A week of fun and creative activities lead by puils to encourage our learners to use Gaelic every day in school and in the community.

Bealach – Ealain is Ciùird

Buth-obrach ann an ealain is ciùird, a toirt a-stigh ceòl agus sgeulachdan, le srùbag. // A workshop in arts and crafts, incorporating music and stories, with refreshments.

Plockton Primary School-Bun Sgoil a’ Phluic & Sgoil Àraich a’ Phluic – Seachdain na Gaidhlig @ Bun Sgoil a’ Phluic

Seachdain de diofar gnìomhan Ghàidhlig ag amas air ar choimhearsnachd Ghàidhlig a thogail, a bhrosnachadh ar luchd-ionnsachaidh Gàidhlig a chleachdadh agus a leudachadh ar fileantaich. // A week of activities to build our Gaelic Community, for our GM pupils to use their Gaelic and our learners to extend their Gaelic.

Craobhan gu deò (Trees for Life) – Tachartas SNG Craobhan gu deò

Là failte don choimhearsnachd Dun Dreagan // Welcome for world Gaelic week to the Community at Dun Dreggan

Muirtown Primary School – Muirtown Gaelic Week Celebration

Tha sinn aig Bun-sgoil Baile an Fraoich airson brosnachadh mar a chithear, a chluinneas agus mar a theid eòlas a chuir air a Ghàidhlig sa choimhearsnachd ionadail. // We, at Muirtown Primary, want to promote how Gaelic is seen, heard and experienced within our local community, by providing our P6 and P7 children with the opportunity to work alongside a tutor to develop their knowledge of Gaelic language and culture, along with its significance to our local area, and supporting them to showcase this work through banners, recordings and a ceilidh.

Àrd-Sgoil a’Phluic – Seachdain na Gaidhlig aig Ard Sgoil a’Phluic

Gàidhlig aig Cridhe Àrd-sgoil a’ Phluic: A’ Togail Misneachd, Coimhearsnachd is Ceangal Làitheil // Gaelic at the Heart of Plockton High: Building Confidence, Community, and Everyday Connection

Lochaline Parent Council – Cleachd I Loch Àlainn

Leis gu bheil sinn air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a’ toiseachadh ann an Loch Àlainn am bliadhna tha sinn airson ‘s gum bi an coimhearsnachd air fad a’ tighinn còmhla rinn air an t-slighe seo – Cleachd I, Loch Àlainn! // As we have started Gaelic medium education in Lochaline this year, we want the whole community to join on us on this journey – Use it, Lochaline!

Fèis Lochabair – Cabadaich agus Ceòl

Feasgar de chiùil, òrain agus cabadaich // An afternoon of music, song and conversation

Fèis Rois – Cànan, Ceòl is Coimhearsnachd

Tachartasan Gàidhlig aig Fèis Rois. // Gaelic Immersive Events at Fèis Rois.

Tearmann Bith Chruinne Ros an Iar – Filmichean na Coimhearsnachd

Fèis film Gàidhlig thairis suas gu trì tallaichean dùthchail, a’ cur fàilte air coimhearsnachdan ionadail gus filmichean Gàidhlig fhaicinn agus a’ brosnachadh cànan agus cultar na Gàidhealtachd. // A Gaelic film festival held across up to three halls in Wester Ross, welcoming local communities to watch Gaelic films and promoting Highland language and culture.

Liam MacGriogair – Cafaidh Gàidhlig

Tha sinn am beachd Cafaidh Gàidhlig a chruthachadh ann an Àrd-sgoil Inbhir Theòrsa gus Gàidhlig a shealltainn agus a bhrosnachadh anns an sgoil. // We would like to have a Gaelic Cafe in Thurso High School to showcase Gaelic and to promote the language in the school.

Fèis a’ Bhaile – Gaelic Library Day

Latha de bhùithtean-obrach Gàidhlig gus daoine de gach aois a bhrosnachadh gus a’ chànan a’ cleachdadh aig ìre a tha iomchaidh dhaibh. // A day of Gaelic activities to encourage people of all ages to engage with Gaelic at a level appropriate to them.

Buidheann-sgoiltean 3-18 Mhalaig – Latha Fèise

A’ toirt còmhla nan sgoiltean uile ann am buidheann-sgoiltean 3-18 Mhalaig airson latha “blasad” air gnìomhan fèise. // Bring together all primaries in the Mallaig 3-18 cluster for a fèis activity taster day.

Mòd Loch Aillse – Blas a’ Mhòid

A’ ruith buithtean-obrach sna bun sgoiltean nar sgire gus aithne is cleachdadh na Gàidhlig a bhrosnachadh // To run workshops in our local primary schools to raise awareness and increase use of Gaelic

Bun-Sgoil Shlèite, Comhairle nam Pàrant – Cèilidh Teaghlaich, Seachdain na Gàidhlig 2026 | Family cèilidh for Gaelic Week 2026

Bidh sinn a’ ruith Cèilidh Teaghlaich gus Gàidhlig, òrain is luchd-ciùil Shlèite a chomharrachadh. // We will be running a Family Cèilidh in celebration of Sleat’s Gaelic language, songs and musicians.

Strathnairn Heritage Association – Gaelic Heritage in Strathnairn

A’ rannsachadh mar a thèid cànan is dualchas na Gàidhlig ann an Srath Narainn a chleachdadh, adhartachadh is a chomharrachadh san ionad dualchais ùr ann an Dùn Fhlicheadaidh agus anns an t-srath. // Exploring how Gaelic language and heritage in Strathnairn will be used, promoted and celebrated in the new heritage centre at Dunlichity and in the strath.

Sgoil Dannsa – Sgoil Dannsa

Le dannsa, òran agus cànan, bidh a’ Ghàidhlig beò agus a’ breabadh aig Sgoil Dannsa tro bhùitean-obrach, taisbeanaidhean agus susbaint dhidseatach a bhios a’ brosnachadh a cleachdadh. // Blending step dance, song, and language, Sgoil Dannsa will bring Gaelic to life through workshops, online events, and digital storytelling, inspiring people to use and celebrate Gaelic language and culture.


Comhairle nan Eilean Siar

Taigh-tasgaidh + Ionad-ealain Taigh Chearsabhagh – Sgeul na Deugairean

Bùthan-obraich le sgrìobhadair M.E. NicGriogaire // Workshops with writer M.E. NicGriograire

Comunn Eachdraidh Chàrlabhaigh – Anns an Ostail

Latha a’ còmhradh mu chuimhneachain dhaoine air na h-ostailean sgoile anns an robh iad uair. // A day talking about the memories people have of their time in the school hostel.

Grimsay Community Organisation – Cleachd i ann an Griomasaigh’

Tri latha a bheir prìomhachas do Ghàidhlig ‘s a choimhearsnachd is cothrom aig daoine bhith ‘ga cleachd aig cruinnichidhean leithid adhradh, cò-fharpais cheist agus ceilidh traidiseanta // Our three days of celebration showcases Gaelic language and culture through inclusive community events conducted in Gaelic including Gaelic Worship, a Gaelic quiz and a Traditional Ceilidh.

Urras Coimhearsnachd Bhràdhagair agus Àrnoil – Beul ri Beul

Cuairt agus cluich eadar-ghinealach le cloinn, pàrantan, seann-phàrantan is inbhich eile son cothroman còmhraidh ann an Gàidhlig a thoirt dhan a h-uile aois // An intergenerational walk and play sessions with children, parents, guardians and older adults giving opportunities to each group to speak Gaelic together.


Comhairle Pheairt is Cheann Rois (Perth and Kinross Council)

Slàinte Mhath Dannsa (Slanjayvah Danza) – Step into Gaelic

Dannsa cultar na Gàidhlig: Seataichean Ceàrnagach, Dannsa Ceum is òran // Dancing the Gaelic culture: Square Sets, Step Dancing and song

The Birks Cinema Trust – Yoyo and the Little Auk Gaelic Screening

Thig còmhla ri Yoyo & a’ Cholcach Bheag air dàna-thuras brosnachail le Orcastra Nàiseanta Rìoghail na h-Alba anns an fhilm Gàidhlig seo! Bidh Q&A as dèidh làimhe. // Join Yoyo & The Little Auk on an inspiring adventure with the Royal Scottish National Orchestra in this Gaelic film! There will be a Q&A afterwards.


Comhairle Shruighlea (Stirling Council)

An Comunn Gàidhealach – Shruighlea – Là Coimhearsnachd na Gàidhlig / Gaelic Community Day

Tha sinn ag amas air diofar bhuidhnean Gàidhlig Shruighlea a thoirt còmhla gus cleachdadh na Gàidhlig a bhrosnachadh, fàilte a chur air luchd-ùr, agus a’ chànan a chumail beò le bhith ga cleachdadh gus nach caill i! // We aim to bring Stirling’s various Gaelic groups together to encourage the use of Gaelic, welcome newcomers, keeping the language alive by using it so as not to lose it!


Comhairle Siorrachd Dhùn Breatann an Iar (East Dunbartonshire Council)

Bun-sgoil Beinn Chamshroin – G anns a’ Phàirc

G anns a’ Phàirc // A inter authority ‘Big Fun Gaelic Day Out’ utilising parkland next to Meadowburn Primary to build connections between the P5-7 Gaelic-medium pupils of Condorrat, Meadowburn and Mount Cameron Primary Schools. With an inter authority quiz for pupils P1-4 around all things Gaelic via google classroom.


Comhairle Siorrachd Lannraig a Deas (South Lanarkshire Council)

Comann nam Pàrant (South Lanarkshire) – Cleachd I No Caill I Sealg Ulaidh

Sealg Ulaidh agus Brot is Milseag // Scavenger Hunt followed by Soup & Pudding Lunch


Comhairle Siorrachd Rinn Friù (Renfrewshire Council)

ClannGàidhlig – Suipeir Bhàirdeil

“Rabbie”: a’ sgrùdadh bàrdachd, beatha agus òrain Dhòmhnuill Iain Nìll Eòin MhicFhionghuin, Dòmhnall MacFhionghuin neo Am Bàrd Barrach. // A look at the life, songs, and poetry of Donald Iain MacKinnon ( Am Bàrd Barrach ), the mid-20th-century Barra bard.


Comhairle Siorrachd Rinn Friù an Ear (East Renfrewshire Council)

Thornliebank Primary School and Nursery Class and Bun-sgoil Ghàidhlig Thornliebank – Cleachd i no caill i – Thornliebank Primary School & Bun-sgoil Ghàidhlig Thornliebank

A’ togail ìomhaigh na Gàidhlig tro cuspairean ealain-cruthachail is brosnachadh cleachdadh a chànan. // Raising the profile of Gaelic through expressive arts and encouraging the use of Gaelic.


Air loidhne (Online)

Mountaineering Scotland – bùth-obrach ainmean Gàidhlig Beanntanan

Co-labhairt-lìn air-loidhne Mountaineering Scotland a’ teagasg luchd-coiseachd mu ainmean-àite Gàidhlig agus dè tha iad a’ ciallachadh. // Mountaineering Scotland online webinar educating hillwalkers on Gaelic place/ hill names and what they mean.

Kerrie Kennedy – Òrain is Abairtean – Learn Gaelic Through Song

Bùth-obrach air-loidhne far am bi luchd-ionnsachaidh agus fileantaich a’ cleachdadh na Gàidhlig tro òrain ghoirid agus abairtean làitheil. // An online workshop where learners and fluent speakers use Gaelic through simple Gaelic songs and everyday phrases.

Pamela O’Neill – Gaidheil ann an Astràilia – còmhla air-loidhne

Cruinneachadh sòisealta air-loidhne do luchd-labhairt is luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig air feadh Astràilia agus àiteachan mun cuairt: coinnich ri luchd-dealasach na Gàidhlig, cleachd a’ chuid Ghàidhlig a th’ agad, agus èist ri aoigh sònraichte aig a bheil Gàidhlig // An online social get-together for Gaelic-speakers and learners throughout Australia and nearby places: meet other Gaelic enthusiasts, use whatever Gaelic you have, and hear from a Gaelic-speaking special guest