Dè tha Cleachd i no Caill i a’ ciallachadh dhutsa? // What does Cleachd i, no Caill i mean to you?

*English below*

Bhruidhinn sinn ris an stiùiriche againn, Joy Dunlop, is dh’fhaighnich sinn dhith na tha ‘Cleachd i no caill i’ a’ ciallachadh dhìse.

Faic na thuirt Joy agus innis dhuinn, ann an earrann nam beachdan, na tha ‘Cleachd i no caill i’ a’ ciallachadh dhut fhèin.

“’S e rud beò a th’ ann an cànan agus ’s e a chleachdadh a neartaicheas e – agus tha rannsachadh a’ sealltainn gur e sìor chleachdadh agus dealas as cudromaiche airson sgilean cànain a thogail gu fileantachd. Ma chuireas sinn cùl ri cànan, cha chaill sinn dìreach faclan is abairtean a’ chànain ach an cultar, an tradaisean is an eachdraidh a th’ aig a’ chridhe.

’S e seud cho mòr ’s a th’ ann an Gàidhlig agus tha e ro chudromach gun cùm sinn oirnn ga bruidhinn, ga leigeil ris is ga chomharradh airson dèanamh cinnteach gum bi e na phàirt bheòthail nar saoghal is nar coimhearsnachdan fhathast a-màireach.

Chan eil e gu diofar an e seo a’ chiad fhacal Gàidhlig a thuirt thu a-riamh no an robh e greis on a rinn thu dad leis a’ chànan, ’s e teachdaireachd shìmplidh a th’ againn: siuthad, seo an t-àm!”

Dè tha Cleachd i no Caill i a’ ciallachadh dhutsa?

//

We caught up with our Director, Joy Dunlop to ask what Cleachd i, no Caill i means to her.

Check out Joy’s thoughts and let us know in the comments, what does Cleachd i, no Caill i (Use it or Lose it ) mean to you.

“Languages are living entities, and they thrive through use – in fact, studies show that continued use and enthusiasm are central to maintaining language skills and proficiency.

When we stop engaging with a language, we risk losing not only its words and expressions, but the culture, traditions and history embedded within it.

Gaelic is such a treasure, and it’s vital that we continue to speak, share and celebrate it; ensuring it remains a vibrant part of our lives and communities.

Whether you’ve never said a Gaelic word or it’s been a while since you connected with the language, our message is simple: start now!”

What does Cleachd i, no Caill i mean to you?

#GaelicEvents #Gàidhlig #scottishgaelic #GaelicWeek #cleachdinocailli #SeachdainNaGàidhlig2026 #WorldGaelicWeek2026 #cleachdi