Seachdain na Gàidhlig 2025 Air Bhog // World Gaelic Week 2025 Launched

English below

Tha Seachdain na Gàidhlig 2025 air bhog!

Tha cinn-là, cuspair is cothroman maoineachaidh airson na Gàidhlig a chomharrachadh a-nis air am foillseachadh.

Thèid a’ cheathramh chuairt de Sheachdain na Gàidhlig a chumail on 24mh den Ghearran chun 2na den Mhàrt 2025 fon chuspair Ceanglaichean gun Chrìch.

Le taic-airgid o Bhòrd na Gàidhlig, leanaidh Seachdain na Gàidhlig 2025 air brosnachadh is glèidheadh a’ chànain is a’ chultair air feadh na h-Alba agus coimhearsnachdan thall thairis, a’ neartachadh ceanglaichean Gàidhlig a th’ ann agus a’ togail feadhainn ùra.

Tha sinn a’ gairm air muinntir na h-Alba airson pàirt a ghabhail an ath-bhliadhna, a’ gabhail cothrom air maoin nan tabhartasan beaga a stèidhich sinn le taic Bhòrd na Gàidhlig.

Tha maoineachadh suas ri £500 ri fhaighinn do dhaoine fa leth, buidhnean coimhearsnachd is buidhnean eile a tha airson Gàidhlig a chomharrachadh sa choimhearsnachd aca, agus tha fàilte ro thagraidhean a-nis aig www.seachdainnagaidhlig.scot o luchd-labhairt is luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig is feadhainn a tha dèidheil oirre air feadh na dùthcha.  ’S urrainn do dhaoine tagradh a dhèanamh gu meadhan-oidhche Diardaoin 31mh den Dàmhair 2024.

Tha Là Abairt na Gàidhlig, iomairt air a bheil fèill mhòr, na phàirt de Sheachdain na Gàidhlig cuideachd agus gabhaidh na mìltean mòra pàirt ann gach bliadhna. Bidh e air ais Diardaoin 27mh den Ghearran 2025.

Tha an luchd-stiùiridh air fad gu mòr airson ’s gun tèid fàs is buaidh fharsaing na h-iomairt am meud am-bliadhna-sa fhathast. Tha cuspair na bliadhna-sa, Ceanglaichean gun Chrìch, a’ comharrachadh gu bheil ceanglaichean aig cridhe cànain – ceanglaichean cànanach, cultarach is daonna.

Bidh Seachdain na Gàidhlig 2025 ann eadar 24mh den Ghearran is 2na den Mhàrt 2025. Airson barrachd fiosrachaidh no airson tagradh airson maoineachadh a chur a-steach, thèid gu www.seachdainnagaidhlig.scot.

//

All go for World Gaelic Week 2025!

Dates, theme and funding opportunities to celebrate Gaelic have now been published.

Seachdain na Gàidhlig (World Gaelic Week) has unveiled dates for its fourth edition and will return from 24th February to 2nd March 2025 under the theme Ceanglaichean gun Chrìch (pronounced kyeh-leech-un gun chreech), which signifies Building Connections in English.

With funding support from Bòrd na Gàidhlig, Seachdain na Gàidhlig 2025 will continue to promote and preserve Gaelic language and culture across Scotland and the global diaspora, strengthening existing and establishing new Gaelic connections.

People across Scotland are being called on to get involved in next year’s event, including taking advantage of the initiative’s Small Grants Fund, supported by Bòrd na Gàidhlig.

Funding of up to £500 is available for individuals, community groups and organisations who are looking to celebrate Gaelic in their community, with applications now open at www.seachdainnagaidhlig.scot to Gaelic speakers, learners and enthusiasts right across Scotland. People have until midnight on Thursday 31st October 2024 to apply.

Seachdain na Gàidhlig also encompasses the hugely popular Say a Gaelic Phrase Day which engages thousands online each year and will be back on Thursday 27th February 2025.

Across the board this year organisers are determined to continue the initiative’s growth and far-reaching impact. This year’s theme of Ceanglaichean gun Chrìch celebrates the idea that language is all about connections – linguistic, cultural and human.

Seachdain na Gàidhlig 2025 will take place from 24th February – 2nd March 2025. For more information or to apply for funding, please visit www.seachdainnagaidhlig.scot.