Sanas obrach!

Dòchas gu bheil sibh uile gu dòigheil. Bidh bòrd aig Seachdain na Gàidhlig aig Taisbeanadh a’ Mhòid, an ‘Trade Fair’ a ruitheas fad na seachdain. Tha sinn a’ lorg cudeigin (no sgioba) a bhios ann dhuinn tron t-seachdain – a bheir fiosrachadh seachad mu Sheachdain na Gàidhlig 2023 don phoball agus a chumas sùil air a’ bhòrd. (Bheir sinn dhuibh a h-uile pìos fiosrachaiddh a dh’fheumas tu)

’S e obair fad latha a bhios ann (9m – 5/6f) agus ’s ann tro sheachdain a’ Mhòid (an-ath-sheachain) a bhios i. Pàighidh sinn turasdal ceart(an ‘living wage rate’) agus cosgaisean siubhail. Nam biodh ùidh idir agaibh anns an obair seo fad na seachdaine (no fiù ’s, air cuid de na làithean) nach leig sibh fios thugam cho luath ’s a ghabhas. Air an duilleig seo, no air post-d joy@seachdainnagaidhlig.scot.

Cuir taic ri Seachdain na Gàidhlig // Support Seachdain na Gàidhlig Thoir tìodhlac an seo // Donate Here