
Pàirc na Dìthreibh, Baile Eilidh G84 7EP.
Mar chomharradh air Seachdain na Gàidhlig ( 21 gu 27 Màrt), tha CHARTS a’ toirt cuireadh dhut gu Turas. Oidhche obair-thilgeil a’ comharrachadh cànan, cultar is ealain na Gàidhlig aig Pàirc na Dìthreibh, Baile Eilidh. A’ toirt còmhla iomadh pròiseact, cuiridh Turas cuideam air feadhainn de thoraidhean obair-leasachaidh CHARTS thairis air a’ bhliadhna a chaidh ann an Earra-Ghàidheal is Bòd.
Thèid Pàirc na Dìthreibh a lasadh le obair-thilgeil à obair-ealain luchd-gleidhidh Duais Dìleab Chaluim Chille is feadhainn eile, gan cur timcheall na pàirce ann an àiteachan, am Pàillean, am Balla-cuimhneachain is a’ Chraobh-chuimhneachain nam measg. Bidh ceòl beò le Sàimh Sound ann cuideachd.
Fosglaidh Brian Ó hEadhra, Manaidsear Chom-pàirteachasan agus Maoineachaidh aig Bòrd na Gàidhlig, an tachartas, a nochdas luchd-cruthachaidh na Gàidhlig. Bidh taigh-bidhe Pàillean na Pàirce fosgailte dhan phoball ri linn Turais cuideachd, air am faodar frithealadh an-asgaidh.