
Bidh an cearcall còmhraidh air-loidhne seo a’ coinneachadh gach seachdain agus tha e freagarrach an dàrna cuid do dhaoine aig a bheil Gàidhlig bho thùs agus do dh’fheadhainn a tha air a h-ionnsachadh gu fileantas agus a tha a’ lorg cothruim a bhith ga bruidhinn ann an suidheachadh neo-fhoirmeil, càirdeil, le beagan taic bho oide. Bithear a’ coinneachadh tro zoom agus ’s àbhaist do luchd-labhairt na Gàidhlig bho air feadh an t-saoghail a bhith an làthair. Mar sin ’s e fìor dheagh chothrom a th’ ann an “Cothrom Cabadaich” gus coinneachadh ri daoine bho thall ’s a-bhos.
Chan eil cosgais ann, ach feumar clàradh le bhith a’ cur puist-dealain thugainn mus faighear ceangal zoom.
This weekly online conversation circle is for both native speakers and learners of Gaelic who already have a level of fluency and are looking for an opportunity to use the language in an informal, welcoming environment with some support from a competent tutor. Held on zoom and open to Gaelic speakers from far and wide, this is an ideal opportunity to engage with the wider Gaelic diaspora.
There is no charge for attending, however, you will have to register your interest via email in order to receive the joining link.