
Tha sinn dol a dhèanamh zines is sinn a’ bruidhinn ri chèile sa Ghàidhlig. ‘S e seòrsa de dh’iris bheag a nì thu fhèin le pìosan a gheàrras tu a-mach à irisean agus rudan a sgrìobhas tu fhèin agus dealbhan a nì thu air a shon cuideachd. Mar as trice tha zine air aon chuspair, leis nach eil iad cho fada. Tha e spòrsail a dhèanamh, ach ma tha thu ag iarraidh tighinn dhan chearcall chòmhraidh gun zine a dhèanamh, tha sin ceadaichte cuideachd of course! Cuiridh sinn fàilte air a h-uile duine a tha ag iarraidh tighinn agus (feuchainn ri) bruidhinn sa Ghàidhlig, ge brith an e oileanaich a th’ annta no nach e. Bidh sinn anns a Middle Reading Room ann an Teviot. Tha e beagan falaichte agus doirbh a lorg so cuir teachdaireachd thugainn ma bhios tu air chall! Leig fios thugainn ma tha thu ag iarraidh tighinn!
(We’re going to make zines while chatting in Gaelic. A zine is a sort of small magazine which you make yourself with things you cut out of magazines, things you write yourself and drawings you make for it. Everyone who wants to come and (try to) speak Gaelic is welcome. We’ll be in the Middle Reading Room in Teviot, message us if you can’t find it! Let us know if you want to come!)