
Là Bàrdachd na Cruinne aig a’ Chrùbh!
Thig còmhla ri bàird chliùiteach, Rody Gorman agus Maoilios Caimbeul airson oidhche làn rannan is spòrs gus Là Bàrdachd na Cruinne a chomharrachadh. Bidh Mark Wringe sa chathair airson an tachartais a bhios ga chumail aig a’ Chrùbh agus ga chraoladh beò air na meadhanan sòisealta.
Tha an tachartas seo ga chur air dòigh le Comhairle nan Leabhraichean agus An Comunn Gàidhealach mar phàirt de Seachdain na Gàidhlig, a’ chiad sheachdain cultair is cànain airson na Gàidhlig a thèid a chumail tron dùthaich air fad.
Join renowned Gaelic poets, Rody Gorman and Myles Campbell for a night of poetry to mark World Poetry Day. Mark Wringe will be in the chair for the event which will be held at An Crùbh and livestreamed on social media.
This is event is hosted by The Gaelic Books Council and An Comunn Gàidhealach as part of World Gaelic Week, the first official culture and language week to be held in Scotland.
Rody Gorman
Nochd a’ chiad chruinneachadh bàrdachd aig Rody, Fax and Other Poems (Polygon) an 1996, agus tha deich cruinneachaidhean eile air nochdadh gu ruige seo. Ann an 2021, chaidh Rody ainmeachadh mar Bhàrd a’ Chomuinn Ghàidhealaich.
Rody’s first poetry collection, Fax and Other Poems (Polygon, 1996) was followed by ten further collections. In 2021, Rody was appointed as An Comunn Gaidhealach’s Bard.
Maoilios Caimbeul
Tha Maoilios air deich leabhraichean de bhàrdachd a thoirt a-mach agus nobhailean do dheugairean agus inbhich cuideachd. Nam measg tha Saoghal ùr (Diehard, 2003) agus The two sides of the pass / Dà thaobh a’ bhealaich (Two Ravens, 2009).
Myles has published ten collections of poetry and novels for teenagers and adults. These include Saoghal ùr (Diehard, 2003) and The two sides of the pass /Dà thaobh a’ bhealaich (Two Ravens, 2009).