Cùmaibh na Cinn-latha! // Save the Dates!

Tha Seachdain na Gàidhlig, a bhios ga chumail air 20-26 Gearran 2023, ag amas air gàirdeachas a dhèanamh air a’ Ghàidhlig air feadh an t-saoghail. Bu chaomh leinn sgoiltean, coimhearsnachdan, daoine fa-leth, agus buidhnean fhaicinn a’ gabhail pàirt san t-seachdain, ge bith a bheil sibh fileanta, ag ionnsachadh no nach eil agaibh ach facal no dhà! Bidh rudeigin ann airson daoine aig gach ìre.

Nach tòisich sibh ri smaoineachadh air ciamar a b’ urrainn dhuibh a bhith an sàs ann? ’S dòcha gum bi cèilidh agaibh, no madainn le cofaidh is cèic. Dh’fhaodadh gun gealladh sibh Gàidhlig a chleachdadh fad na seachdain air na meadhanan-sòisealta agaibh, no gun ionnsaich sibh faclan Gàidhlig dhur peataichean! Innis dhuinn na h-abairtean as fheàrr leibh, no faighnich do chuideigin eile mar a chanas iad rudeigin. Tha iomadach dòigh anns am b’ urrainn dhuibh tighinn còmhla rinn gus Seachdain na Gàidhlig a chomharrachadh!

Ma tha beachd agaibh airson tachartas no ma tha sibh a’ sireadh beagan thaic, nach cuir sibh fios thugainn air admin@seachdainnagaidhlig.scot. Bhiodh sinn ro thoilichte cluinntinn bhuaibh!

//

Seachdain na Gàidhlig (World Gaelic Week), which takes place between 20-26th February 2023, aims to celebrate Gaelic across the world. We would love to see schools, communities, individuals and groups taking part in the week whether you are fluent, learning or only have one or two words!

Take this as your cue to start thinking about how you could get involved. You could host a cèilidh or a coffee morning. You could promise to use only Gaelic across your social media for the week, or to teach a couple of Gaelic commands to your pets! Tell us your favourite phrases, or ask someone else how they could say something. The possibilities are endless!

If you have an idea for an event or are looking for some support or guidance, please don’t hesitate to contact us on admin@seachdainnagaidhlig.scot. We would be delighted to hear from you!

0 replies

Leave a Reply

Want to join the discussion?
Feel free to contribute!

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach