Còisir Ghàidhlig Dhùn-Dè a’ Sireadh Bhuill // Dundee Gaelic Choir Needs You!

A bheil sibh a’ fuireach ann an Dùn-Dè no faisg air làimh? A bheil ùidh agaibh ann a bhith a’ seinn ann an còisir? Tha Còisir Ghàidhlig Dhùn-dè gur n-iarraidh, gu h-àraidh mas e basses a th’ annaibh! ’S e àm glè mhath a th’ ann tòiseachadh còmhla riutha. Ma tha ùidh agaibh, nach cuir sibh fios gu Audrey Roshier air peapodaud@talktalk.net.

//

Do you live in or near Dundee? Are you interested in singing with a choir? Dundee Gaelic Choir is looking for new members – basses in particular! Now is a very good time to join a choir. If you are interested, please get in touch with Audrey Roshier on peapodaud@talktalk.net.

Seiseanan-fiosrachaidh // Information Sessions

Bha dà sheisean-fiosrachaidh againn mu Sheachdain na Gàidhlig air 3 agus 22 Samhain air Zoom agus abair gun d’ fhuair sinn ultach de dhaoine a bha airson tuilleadh fhaighinn a-mach mun seachdain. Bha fiù duine no dhithis againn a thàinig a-steach à Nova Scotia! Bha còmhradh glè mhath ann mu amasan na seachdain agus beachdan air mar a gheibheadh daoine air pàirt a ghabhail.

Mura d’ fhuair sibh cothrom a dhol chun na seiseanan fiosrachaidh, nach cuir sibh fios thugainn air admin@seachdainnagaidhlig.scot agus bhiodh Grant no Shona gu math toilichte coinneamh fa-leth a chur air dòigh dhuibh air Zoom no air an fhòn.

//

We held a couple of successful information sessions about Seachdain na Gàidhlig on 3rd and 22nd November on Zoom, where we had a good number of people join us to find out more about the aims of the week. We even had a couple of folk tune in from Nova Scotia! There was a good conversation about the aims of the week and ideas on how everyone could be involved.

If you weren’t able to take part in either session but would like more information, please let us know on admin@seachdainnagaidhlig.scot and Grant or Shona would be delighted to arrange a Zoom call or a phonecall.

Duaisean na Gàidhlig 2023 // Gaelic Awards 2023

Tha sinn air ar dòigh innse dhuibh gum bi Duaisean na Gàidhlig gan cumail tro Sheachdain na Gàidhlig air Dimàirt 21 Gearran 2023 ann an Taigh-òsta Marriott Ghlaschu! Bidh na Duaisean gan ruith le Bòrd na Gàidhlig agus an Daily Record, agus ag aithneachadh na h-oidhirpean a bhios daoine agus buidhnean a’ dèanamh gus a’ Ghàidhlig a thogail agus a leasachadh air feadh na dùthcha agus thall thairis. ’S e seo an deicheamh bliadhna de na duaisean agus tha iad a-nis a’ sireadh mholaidhean airson buannaichean ann an iomadach diofar roinn. Bheireabh sùil air an làrach-lìn https://scottishgaelicawards.co.uk/2023/en/page/home  agus cuiribh a-steach na molaidhean agaibh ro 8 Faoilleach 2023. ’S e oidhche air leth a bhios ann!

//

We are delighted to tell you that the Gaelic Awards will be held during Seachdain na Gàidhlig on Tuesday 21st February in the Glasgow Marriott Hotel! The Awards are run by Bòrd na Gàidhlig and the Daily Record and recognise the efforts individuals and groups are making to uphold and develop Gaelic across the country and the world. This will be the tenth year of the Gaelic Awards and they are now seeking nominations for winners across several categories. Take a look at their website https://scottishgaelicawards.co.uk/2023/en/page/home to submit your nominations before 8th January 2023 and to find out more about the event itself. It’s sure to be a great night!

Cumaibh na Cinn-latha! // Save the Dates!

Tha Seachdain na Gàidhlig, a bhios ga chumail air 20-26 Gearran 2023, ag amas air gàirdeachas a dhèanamh air a’ Ghàidhlig air feadh an t-saoghail. Bu chaomh leinn sgoiltean, coimhearsnachdan, daoine fa-leth, agus buidhnean fhaicinn a’ gabhail pàirt san t-seachdain, ge bith a bheil sibh fileanta, ag ionnsachadh no nach eil agaibh ach facal no dhà! Bidh rudeigin ann airson daoine aig gach ìre.

Nach tòisich sibh ri smaoineachadh air ciamar a b’ urrainn dhuibh a bhith an sàs ann? ’S dòcha gum bi cèilidh agaibh, no madainn le cofaidh is cèic. Dh’fhaodadh gun gealladh sibh Gàidhlig a chleachdadh fad na seachdain air na meadhanan-sòisealta agaibh, no gun ionnsaich sibh faclan Gàidhlig dhur peataichean! Innis dhuinn na h-abairtean as fheàrr leibh, no faighnich do chuideigin eile mar a chanas iad rudeigin. Tha iomadach dòigh anns am b’ urrainn dhuibh tighinn còmhla rinn gus Seachdain na Gàidhlig a chomharrachadh!

Ma tha beachd agaibh airson tachartas no ma tha sibh a’ sireadh beagan thaic, nach cuir sibh fios thugainn air admin@seachdainnagaidhlig.scot. Bhiodh sinn ro thoilichte cluinntinn bhuaibh!

//

Seachdain na Gàidhlig (World Gaelic Week), which takes place between 20-26th February 2023, aims to celebrate Gaelic across the world. We would love to see schools, communities, individuals and groups taking part in the week whether you are fluent, learning or only have one or two words!

Take this as your cue to start thinking about how you could get involved. You could host a cèilidh or a coffee morning. You could promise to use only Gaelic across your social media for the week, or to teach a couple of Gaelic commands to your pets! Tell us your favourite phrases, or ask someone else how they could say something. The possibilities are endless!

If you have an idea for an event or are looking for some support or guidance, please don’t hesitate to contact us on admin@seachdainnagaidhlig.scot. We would be delighted to hear from you!